Post-d bho Aran / A bheil cù agad?
Fhuair mi post-d bho Aran an diugh agus tha e ag iarraidh beagan cuideachaidh bhuainn. (Às aonais cha bhiodh TnamB beò an diugh.) Dh'innis a bhean dha gum bi iad a' faighinn cù eile a dh'aithghearr agus mar sin bidh iad ag iarraidh ainm air a shon. Bu mhath leotha ainm Gàidhlig ach chan eil iad airson ainm mar Donnchadh no Eilidh no rudeigin mar sin a chur air -- b' fheàrr leotha rudeigin a tha nas traidiseanta airson con. Thug mi moladh no dhà dhaibh ach dè ur beachdan, a chàirdean?
Sgrìobhaibh ur beachdan an seo agus cuiridh mi gu Aran iad. Mòran taing :-)