A' blogachadh gu slaodach

Feasgar math a leughadairean!

Chunnaic mi an diugh nach do chuir mi ach dà theachdaireachd air a' bhlog seo am mìos. Bha fios agam nach robh mi air a bhith a' blogachadh cho tric am mìos ach bha mi den bheachd gun d'rinn mi na b'fheàrr na dà theachdaireachd a-mhàin. Chan eil sin math idir agus chan eil fios agam carson nach do sgrìobh mi tuilleadh gu ruige seo. Bha mi beagan na bu trainge am mìos, ach cha robh mi cho trang nach robh cothrom agam a bhith a' sgrìobhadh rudeigin an seo.

'S àbhaist dhomh an stuth seo a sgrìobhadh ann an leabhar agus, an déidh sin, clò-sgrìobhaidh mi an seo e. Bha mi a' coimhead san leabhar latha no dhà air ais agus tha trì no ceithir "aistidhean" ann. Gu mì-fhortanach chan eil iad deiseil fhathast. Tha mi an dòchas gum bi mi a' dèanamh nas fheàrr an ath-mhìos. :-)

Blog diofaraichte

Tha saoghal nam blogaichean Gàidhlig a' fàs gu luath an dràsda, ach chunnaic mi blog ùr an diugh. Chan eil e sa' Ghàidhlig, ach sa' Chòrnais! Chan urrainn dhomh a leughadh oir chan eil Còrnais agam (uill, chan eil fhathast!) ach chan fhaca mi a leithid gu ruige seo. An e a' chiad bhlog sa' Chòrnais? Tha mi a' smaoineachadh gu bheil. Ach co-dhiù, ma tha ùidh agaibh anns a' chànain seo, 's urrainn dhuibh am blog fhaicinn aig Nebes Geryow Kernewek.

A' fàs nas fhuaire

Tha na h-oidhcheannan a' fàs nas fhada a-nis nuair a tha sinn san Dàmhair. Tha e gu bhith leth-uair an déidh sia feasgar an dràsda agus tha e gu math dorcha cheana. Chan eil na reultan ri fhaicinn fhathast ach tha na solais-sràid' air.

Bha mi shìos aig an taigh-seinnse a-raoir agus bha mi a' mothachadh na fuachd. Tha an taigh-seinnse aig an stéisean-trèanaichean agus 's àbhaist dhuinn a bhith a-muigh air an àrd-chabhsair, gu h-àiridh nuair a bhios e trang a-staigh. Chan e ach taigh-seinnse beag a th'ann. As t-Samhradh tha e math a bhith air an taobh a-muigh -- 's urrainn dhuinn a bhith nar suidhe air na bùird-phicnic a' coimhead air na daoine a tha a' dol seachad air na trèanaichean. Cha bhiodh sibh a' creidsinn dé thachras bho àm gu àm!

Co-dhiù, mu dheich uairean a-raoir, bha sinn a-muigh fhathast ach thòisich a' ghaoth a shèideadh dìreach sìos an àrd-chabhsair. Dh'fhuirich sinn a-muigh gus an leth-uair ach an uair sin rinn sinn air an teas a-steach. Chaidh innse dhomh gum bi i nas blàithe a-rithist an t-seachdain tighinn, ach chan eil mi cinnteach. Gu dearbh, bha i fuar nuair a bha mi a' coiseachd dhachaigh a-raoir 's bha beagan reothaidh air a' chàr agam sa' mhadainn an diugh. Tha am Foghar a' tighinn!