Botal-teth no botal-fuar?


Bha mi a' bruidhinn ri banacaraid, Iona, air an fhòn a-raoir agus bha mi a' gearain air sgàth 's gu bheil an aimsir fada ro theth dhomhsa an dràsda. Dh'aontaich i leam agus an uairsin dh'innis i sgeulachd dhomh. O chionn greis bha Iona anns an ospadal agus fhad 's a bha i a' feitheamh ris an dotair chuala i cailleach a' bruidhinn ri nurs. Seo an còmhradh a bha ann eadar an dithis aca, mar a dh'innis Iona e dhomh.

"Och, tha i fada ro theth air an oidhche an dràsda, chan urrainn dhomh cadail gu furasda," ars a' chailleach. "'S bochd sin," fhreagair an nurs, "a bheil botail-fhuar' agaibh?"

"Botal-fuar?"

"Seadh, botal-fuar!"

"Tha fhios a'm dè th'ann am botal-teth, ach dè th'ann am botal-fuar?" dh'fhaighnich a' chailleach.

"Uill," ars an nurs, "faighibh dà no trì botail phlastaig -- bhiodh botail-bhainne, dà liotair, math -- agus anns a' mhadainn, lìonaibh iad le uisge, mu 1.5 liotair, agus cuiribh iad san reòdhadair. Nis, nuair a thèid sibh dhan leabaidh, cuiribh aon air gach taobh dhiubh agus am fear eile faisg air ur casan. Bidh sibh nur cadal mar leanabh a-rithist!"

Abair deagh smaoin!