An t-seann dùthaich

Fhuair mi post-d bhon amadan ud aig ScrewGaelic.org latha no dhà air ais, 's thuirt e rudeigin mar "Tapadh leibh airson na taic' a tha thu fhathast a' toirt dhuinn. Ma tha thu airson ceangal a chur air an làraich agad, seo an HTML..." An d'fhuair duine sam bith eile am post-d seo? Smaoinich mi gun robh e gu math éibhinn.

An déidh dhomh am post-d fhaighinn, bha mi airson faighinn a-mach ma bha dad sam bith air tachairt san t-seann dùthaich 's mar sin chaidh mi air ais. Uill, tha am fòrum dùinte fhathast 's tha sanasachd gu leòr ann airson poker agus casinos, ach, mar a bha mi a' smaoineachadh, cha bhi dad sam bith inntinneach a' tachairt an siud (quelle surprise!). Ach, fhad 's a bha mi ann, chunnaic mi nach robh na ceanglaichean chun nam blogaichean againn ann a-nis! Smaoinich mi gun robh sin gu math éibhinn cuideachd -- Thoir taic dhuinn ach thalla is cac dhut fhéin!

Saoilidh mi nach eil na $6000 aige fhathast nas motha -- 's fìor bhochd sin. Hehehehe ;-)

Lorg mi Tìr eile

Fastyr mie!

Fhad 's a bha mi air an eadar-lìon Diluain, lorg mi dà bhlog eile nach eil mi air faicinn roimhe. Chan e blogaichean Gàidhlig ach blogaichean Gàidhlig Mhanainneach a th'annta! Tha a' chiad bhlog ri fhaighinn aig BlogVrian agus 's e Brian Stowell an t-ùghdar. 'S dòcha gu bheil sibh eòlach air mar-thà a chionn 's gu bheil e glé chudthromach ann an eachdraidh na Gàidhlig Manainnich. Tha am blog eile ri fhaicinn aig Blog ny Gaelgey ach chan eil mi eòlach air an ùghdar.

Tha na dà bhlog gu math inntinneach, ach chan urrainn dhomh ach facal no dhà a thuigsinn an siud 's an seo orra air sgàth 's gu bheil litreachadh na Gàidhlig Manainnich gu math neònach dhomhsa. (Gu cinnteach chan eil e cho math ri litreachadh na Gàidhlig... uill, nam bheachdsa co-dhiù.) Ach feumaidh mi ràdh gu bheil e cho math a bhith a' faicinn blogaichean sa' Ghàidhlig Mhanainneach san 21mh linn. :-)

Blog ùr bho Inbhir Narann

Fhuair mi post-d aig Tìr nam Blòg HQ a-nochd bho bhlogair eile ann an Inbhir Narann. Abair àite! Co-dhiù, carson nach téid sibh gu http://fuaim-lorg.blogspot.com/ agus cuir fàilte oirre? :-)