An t-seann dùthaich

Fhuair mi post-d bhon amadan ud aig ScrewGaelic.org latha no dhà air ais, 's thuirt e rudeigin mar "Tapadh leibh airson na taic' a tha thu fhathast a' toirt dhuinn. Ma tha thu airson ceangal a chur air an làraich agad, seo an HTML..." An d'fhuair duine sam bith eile am post-d seo? Smaoinich mi gun robh e gu math éibhinn.

An déidh dhomh am post-d fhaighinn, bha mi airson faighinn a-mach ma bha dad sam bith air tachairt san t-seann dùthaich 's mar sin chaidh mi air ais. Uill, tha am fòrum dùinte fhathast 's tha sanasachd gu leòr ann airson poker agus casinos, ach, mar a bha mi a' smaoineachadh, cha bhi dad sam bith inntinneach a' tachairt an siud (quelle surprise!). Ach, fhad 's a bha mi ann, chunnaic mi nach robh na ceanglaichean chun nam blogaichean againn ann a-nis! Smaoinich mi gun robh sin gu math éibhinn cuideachd -- Thoir taic dhuinn ach thalla is cac dhut fhéin!

Saoilidh mi nach eil na $6000 aige fhathast nas motha -- 's fìor bhochd sin. Hehehehe ;-)

Beachdan...

Aig 20/3/06 21:14, thuirt Blogger Graisg...

Nach robh PC Alasdair Stiubhart a’dol thall thairis ga lorg?

 
Aig 20/3/06 21:57, thuirt Blogger Cam...

Fhuair. Fhuair mi an aon phost-d. agus an uairsin phut mi am putan is chaidh e a-steach dhan t-soitheach-sgudail. ;-)

 
Aig 21/3/06 01:00, thuirt Blogger Cadalach...

Sin thu fhéin, a Cham -- rinn mi an aon rud! :-)

Ach, a Ghraisg, tha e coltach nach d'rinn PC Stiubhart dad sam bith fhathast :-( Chì sinn dé tha dol sna seachdainean a tha romhainn...

 
Aig 21/3/06 08:28, thuirt Blogger Graisg...

‘S bochd sin, abair deagh sgioba a bhiodh ann an Alasdair agus Crocadal Dùn Dèagh. Abair film a bhiodh ann an sin cuideachd, an dithis aca a’ lorg Jason bhochd.

 
Aig 27/3/06 13:42, thuirt Blogger Thomas...

ScrewGaelic.org? LOL!

Nis, carson nach d'fhuair mise an aon phost-d?

 

Thoiribh ur beachdan dhomh!

<< Dhachaigh