Boireannach craicte

Uair no dhà air ais fhuair mi teacsa (text message, mar a chanas iad) bho bhoireannach craicte. Thuirt i, Hai, tha mi duilich nach do chuir mi freagairt thugad gu ruige seo, ach tha am fòn agam briste 's mar sin tha mi aig an àireamh seo an dràsda! Ciamar a tha sibh uile? Bha mi a' bruidhinn ri Gary an dràsda 's thuirt e gum bu chòir dhuinn tighinn air chéilidh oirbh! Dé mu dheidhinn oidhche h-Aoine? Tìoraidh, Lynsey.

Nis, chan aithne dhomh i, ach smaoinich mi gum bu chòir dhomh a bhith cuideachail, 's mar sin chuir mi freagairt thuice. Thuirt mi, Saoilidh mi gun do chuir thu an àireamh cheàrr san fhòn agad, chan eil mi eòlach air Lynsey sam bith. Tha mi duilich.

Mu leth-uair an déidh sin, fhuair mi teachdaireachd eile bhuaipe... Thuirt i, Thà thusa eòlach orm! Ciamar a tha Lenord (sic) beag?

Uill, chan eil càil a dh'fhios agam dé bu chòir dhomh dèanamh a-nis! 'S dòcha nach dèan mi dad sam bith eile, ach tha eagal orm gum bi am boireannach craicte seo agus "Gary" a' feitheamh rium aig an taigh agam Dihaoine...

Clàr ùr

Feasgar math a h-uile duine. Chunnaic mi an diugh nach do sgrìobh mi dad sam bith air a' bhlog am mìos, ach uill, sin mar a tha e bho àm gu àm.

Co-dhiù, bha mi a' cluich le Google an diugh agus lorg mi làrach air an robh beagan mu dheidhinn Last.fm 's Audioscrobbler. Bha fios agam air o chionn fhada, ach cha d'rinn mi càil leis gu ruige seo. 'S e uidheam airson clàrachadh a' chiùil ris a tha thu ag éisdeachd a th'innte agus, nam bheachdsa, bidh seo gu math inntinneach dhomhsa. (Tha 6000+ mp3s ann air an laptop agam.) Chan eil mi cinnteach ma bhios na toraidhean inntinneach do dhuine sam bith eile, ach chì sinn. 'S dòcha gum bi ùidh aig feadhainn dhiubh agus, ma bhios thu ag éisdeachd ri ceòl air a' choimpiutair agad gu tric, 's dòcha gum bi thu airson beagan audioscrobladh a dhèanamh cuideachd? :-)

(Bidh an clàr ri fhaicinn anns an sidebar a dh'aithghearr.)