Uilebheist!




Uilebhiasd
ag éirigh ás a' chuan
"An gabh thu copan tea?"



Bha mi a' leughadh beagan bàrdachd bhon leabhar Eadar fealla-dhà is Glaschu le Iain Mac a' Ghobainn a-raoir. Tha na loidhnichean seo bhon dàn Sgialachdan Gàidhlig 's chòrd iad rium gu mór. Tha móran deagh dhàn san leabhar 's mholainn gu dearbh e. Cuiridh mi aon no dhà de na dàin eile an seo am mìos no an ath-mhìos. Tha aon ann mu dheidhinn Nollaige as toigh leamsa cuideachd, ach chan e an Dùbhlachd fhathast 's mar sin tha agaibh ri feitheamh seachdain no dhà. ;-)

Ainm ùr agus sanasachd

Dh'atharraich mi ainm a' bhluig seo an diugh. Nuair a sgrìobh mi "faclan gliocais" sa' Ghiblean, chan e ach fealla-dhà a bh'ann. Aig an àm ud bha tiotal a dhìth orm 's thàinig "faclan gliocais" gu m'inntinn. Bha fios agam gu dearbh nach bi faclan gliocais ann idir an seo! Mar sin, bidh am blog seo a' dol leis an ainm "Facal no dhà bho Chadalach" a-nis. 'S e tiotal nas fheàrr a th'ann, nach e?

Co-dhiù, tha beagan deasbaid ann mu dheidhinn sanasachd airson saoghalan nam blogaichean ceilteach. Thoiribh ur beachdan (sa' Ghàidhlig no sa' Bheurla no sa' chainnt eile) an seo.

Podcastan sa' Chuimris

Sgrìobh Rhys thugam latha no dhà air ais mu dheidhinn phodcastan sa' Chuimris. Chan eil Cuimris agamsa idir 's mar sin cha bhi mi gan tuigsinn, ach 's dòcha gun urrainn do chuideigin a tha a' leaughadh iad a thuigsinn. Chuir Rhys na ceanglaichean an seo.

Lemmy air drogaichean...


Chunnaic mi an dràsda gum bi Lemmy bho Mhotörhead a' labhairt mu dheidhinn drogaichean sa' Chuimrigh a-màireach! Bidh e a' bruidhinn aig Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh ann an Caerdydd. Ma tha ùidh agaibh, tha tuilleadh an seo bhon BhBC.

Bidh Lemmy 's an còmhlan aige a' cluich ann am Manchester Disathairne, ach gu mì-fhortanach chan eil ticead agam. Chunnaic mi Motörhead bliadhnaichean air ais (1998?) 's bha iad fìor mhath. Tha mi an dòchas gum faic mi iad a-rithist san àm ri teachd ach cha bhi cothrom agam am bliadhna :-(