Làithean 's mìosan

Uill, tha an sgriobt an seo mu dheireadh thall! Ma tha thu ga iarraidh, faigh e bhon cheangal faisg air a' bhonn --->

Tha an sgriobt saor an asgaidh ach, ma tha thu ga chleachdadh air a' bhlog agad agus ma tha ùine agad, bu mhath leam cluinntinn bhuat -- an uair sin 's urrainn dhomh an sgriobt ag obair ann an àiteachan eile fhaicinn agus am blog agad a leughadh! ("Postcardware", mar a chanas iad!)

Ma tha mi fortanach, cha bhi mi a' sgrìobhadh tuilleadh sam bith mu dheidhinn javascript a-rithist a dh'aithghearr!

Spam!

Chunnaic mi a' chiad phìos spam air a' bhlog seo an diugh. Bha an spam bho dhuine leis an ainm "Mike Price" air 's bha e a' bruidhinn air craobhan! Bha móran ri ràdh aige ach cha do leugh mi a' mhórchuid den fhaclan aige. 'S toigh leam craobhan, ach cha toigh leam spam mun deidhinn idir.

Ach, tha seòl-obrachaidh ùr againn air Blogger anns a' chogadh an aghaidh nan luchd-spamaidh. Tha Blogger a' dèanamh "aithneachadh facail" a-nis (ma tha thu ga iarraidh) mus urrainn do leughadairean beachdan fhàgail. 'S math sin! Tha mi 'n dòchas nach bi spam ann an seo a-rithist a-chaoidh, ach chan eil mi cho faoin...

Rannsachadh aig Blogger

Tha Blogger a' rannsachadh dé tha sinn ag iarraidh bhuapa. Tha ceangal ann air an "dashboard" agad airson an rannsachaidh -- lean e agus can thuca gum bu chòir dhaibh móran taice a thoirt do chainntean beaga mar Ghàidhlig. (Uill, chan eil Gàidhlig beag, ach tha fhios agad dé tha mi a' ciallachadh.)

Tha mi den bheachd nach bi iad gar éisdeachd, ach mura bheil sinn a' feuchainn...

Johnny Cash agus a' chriogaid

Chan eil mi air a bhith a' blogachadh cho tric o chionn ghoirid, oir bha mi ro thrang. Uill, chan eil sin dìreach ceart, "trang a' dèanamh neoni", mar a chanas iad. Tha am fiabhras-feòir orm a-rithist an t-seachdain seo, mar sin chan eil mi cho sunndach 's a bhios mi mar as trice. Grrr.

Fhuair mi an CD Laoidheadair mo mhàthar le Johnny Cash an t-seachdain seo chaidh. 'S e an CD mu dheireadh a do chlàraich e mus do bhàisich e a th'ann. Fhuair mi seo, nuair a bha mi san t-Siorrachd Iorc, oir bha e tiodhlac bho O airson an co-là-breith agam. Bha mi ag éisdeachd ris an CD seo anns a' chàr nuair a bha mi a' dràibheadh air ais gu Manchester 's bha e uamhasach ràsanach! Nis, cha robh e dona -- bha na h-òrain cho ionraic, cho simplidh, cho cudthromach dhasan, ach chan eil e a' còrdadh rium. 'S fheàrr leam rudeigin nas beothaile.

An diugh tha mi ag éisdeachd ris a' chriogaid air an réidio. Tha Sasainn a' cluich glé mhath :-) Tha mi 'n dòchas gum bi iad a' cluich gu math a-màireach 's Didòmhnaich cuideachd. Tha mi a' smaoineachadh nach bi iad a' cluich fhathast Diluain! Tha Sasainn 99 ruithean air thoiseach air nan Astràilianach letheach-slighe tron gheama!

Iomraiteach sa' Chuimrigh 2

Thàinig mo charaid (duine às a' Chuimrigh) air ais bhon Fhraing an t-seachdain seo, 's dh'innis e dhomh dé bha iad ag ràdh mu mo dheidhinn sa' chruinne-bhlogaichean Cuimreach. Chan eadar-theangaich mi na beachdan, ach bha iad math.