Ro theth

Bha i ro theth an seo ann am Manchester an diugh. B'ann mu 23°C a bh'ann an teodhachd, ach bha sinn fortanach -- ràinig i mu 32°C ann an Lunnainn! Cha toigh leam an aimsir theth idir. Ma bhios an teodhachd mar sin an seo as t-Samhradh, bidh mi a' leaghadh... cha bhi sin math.

Tha mi a' dol a Leeds Diluain airson na criogaid (Siorrachd Iorc an aghaidh nan Albannach!) -- tha mi 'n dòchas nach bi i cho teth.

Bloglines 's biatach na brìgh

Saoilidh mi gu bheil biatach na brìgh ag obair gu math às an seo agus às a' bhlog eile agam, ach chan eil Bloglines ag obair gu ceart. Chan eil e ag ùrachadh tric gu leòr.

Dé ur beachdan mu dheidhinn "biatach na brìgh" airson "site feed"? A bheil e ceart gu leòr, no beagan gòrach? Ma tha sibh a' smaoineachadh gu bheil e gòrach, dé mu dheidhinn "craoladh / solaraiche / sgaoileadh na làraich" no rudeigin eile?

Dé theireadh sibh?

Latha trang

Dh'éirich mi tràth an diugh, uill, aig mu naoi uairean -- 's e Didòmhnaich a th'ann -- oir bha mi a' dol dhan taigh-dhealbh. Cha toigh leam a dhol an sin nuair a tha e ro thrang, mar sin choinnich mi ri L ro aon uair deug agus chaidh sinn ann. Choimhead sinn air Cogaidhean nan Rionnagan 3 's bha e glé mhath. Cha robh mi cinnteach ma bhiodh e math, ach bha mi air na filmichean eile a choimhead agus mar sin, bha mi airson seo a choimhead cuideachd. Bha e a' còrdadh ruim 's bha mi a' gàireachdaich gu tric. 'S toigh leam Ioda! Cha sgrìobh mi rud sam bith eile mu dheidhinn an fhilm air eagal gu bheil thu ag iarraidh a choimhead.

An dèidh an fhilm, dh'ith sinn lòn anns am "Poncy Wine Bar". Tha an t-ainm Seòmar-searraidh Sasannach air, ach 's e poncy wine bar a th'ann... Co-dhiù, an uair sin chaidh sinn do Chlachan-uisge oir bha L airson leabhair mu dheidhinn Florence (anns an Eadailt) a cheannach agus bha mi airson cofaidh -- tha mi ag iarraidh cofaidh daonnan.

A-nis, tha mi anns an oifis agam. Bu chòir dhomh a bhith ag obair, ach 's fheàrr leam a bhith a' sgrìobhadh air am blog agam...

Anns an t-seòmar-craic

Bha mi a' bruidhinn ri Sanne 's Ciorstaidh bho ShG anns an t-seòmar-craic air oidhche Chiadan. Bha e math. Cha do bhruidhinn sinn móran anns a' Ghàidhlig, ach b'e sin a' chiad àm a bha sinn ann. Tha mi 'n dòchas gum bi sinn a' bruidhinn Gàidhlig gu leòr, comhla ri càch o ShG, anns an t-seòmar a dh'aithghearr.

An duine ràsanach 2

Bha e air chéilidh orm a-rithist a-raoir. Chan eil an seo, ach air Sgàilean-sùla Troma -- am blog eile agam a tha mi a' sgrìobhadh anns a' Bheurla. Chuir e ceist orm mu dheidhinn litreachadh ainm a' bhluig seo. Bha e a' smaoineachadh gun robh mi ceàrr. (Tha an litreachadh ceart, nach eil?) Co-dhiù, dhubh mi a-mach a bheachd, ach chan eil mi a' tuigsinn dà rudan. Ma nach eil a' Ghàidhlig buntainneach an diugh (mar a chanas e), carson a bha e a' leughadh nam blogaichean seo? Agus, carson a bha e a' leughadh iad nuair nach urrainn dha iad a thuigsinn?!

'S e call a th'ann, ach tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gur e fear bhon thaigh-seinnse ionadail far an òl mi o àm gu àm a th'anns an duine ràsanach. Bha mi a' bruidhinn ris mu dheidhinn bhlogaichean Gàidhlig sa' Ghiblean. Chan eil mi cinnteach ach, ma tha mi ceart, 's urrainn dhomh innse dhuibh gu bheil an t-ainm air iomchaidh!

Ma tha sinn fortanach, cha bhi e a' tighinn air ais a-rithist.

Sudoku

Dé am feum a th'ann an Sudoku? Rinn mi aon an diugh ach cha robh e inntinneach idir. Nì mi tòimhseachan-tarsainn gu tric 's saoilidh mi gu bheil iad fada nas fheàrr na Sudoku. Dé do bheachd?

Blog eile agam

Thòisich mi blog eile an diugh. Tha an t-ainm "Heavy Eyelids" air agus bidh mi a' sgrìobhadh an sin anns a' Bheurla bho àm gu àm. Ma tha ùidh agaibh, lean an ceangal...

Dihaoine 13mh

Dh'fhuireach mi nam leabaidh an-diugh, ach tha mi a' dol dhan taigh-seinnse a dh'aighthearr -- 's e Dihaoine a th'ann! Sgrìobhaidh mi móran nas anmoiche no a-màireach -- bha mi glé thrang an t-seachdain seo (ach chan eil an-diugh).

Habemus senatorem primum

Ach chan e iongantas mór a th'ann...

Dé tha "Chip and PIN" anns a' Ghàidhlig?

Cha robh mi a' sgrìobhadh dad an-seo o chionn ghoirid oir cha robh mi gu math. Bha an cnatan orm 's bha mo cheann goirt cuideachd, ach 's e rud gasda a th'ann am paracetamol agus tha mi a' faireachdainn nas fheàrr a-rithist a-nis.

Co-dhiù, a chionn gun robh mi tinn, cha robh móran bìdh anns an taigh agam an-dé. Mar sin, chaidh mi a Thesco mu dheich uairean a-raoir. 'S fheàrr leam a bhith ann an Tesco nas anmoiche air an fheasgar oir chan eil e cho trang an uairsin.

Thagh mi na rudan a bha mi ag iarraidh agus chaidh mi chun an àite pàighidh. A chionn gur e anam dàna a th'annam, chaidh mi dhan àite fhìn-fhritheilteach. Bha e a' dol gu math agus bha na bagaichean làn. An uairsin, chuir mi a' chairt agam tron inneal agus bha an gnothach dèanta! Cha do sgrìobh mi m'ainm air rud sam bith agus cha do dh'ùisnich mi mo PhIN na bu mhotha!

Dé am feum a th'anns an tèarainteachd ùr? An ath uair a tha mi anns a' bhùth, nì mi cairt de chuideigin eile!