An duine ràsanach

Feasgar math,

Tha a' ghrian a' deàrrsadh ann am Manchester an-diugh agus tha mi sona oir 's e Dihaoine a th'ann. Ach...

Nuair a bha mi ann nas moiche, bha mi beagan brònach oir chunnaic mi beachd bho dhuine a tha an t-ainm "ràsanach" air. Saoilidh mi nach eil a' Ghàidhlig aige, mar sin chan eil mi a' cleachdadh an ainme Bheurla aige. Co-dhiù, bha e a' sgrìobhadh anns a' Bheurla 's bha e ag ràdh nach eil a' Ghàidhlig buntainneach an-diugh. Chuir mi am beachd aige anns an t-sgoithich-sgudail gun dàil!

Ma tha thu ga fhaicinn, cuir na faclan aige anns an t-soithich-sgudail cuideachd! Chan eil an duine ràsanach seo a dhìth oirnn anns a' chruinne-bhlogaichean.

Sabhal Mór

Chunnaic mi an-dràsda a tha am blog seo ainmichte air an làrach Sabhail-Mhóir. Bha sin uamhasach luath 's tha mi a' cnuasachadh ciamar a tha fios aca. An robh duine sam bith a' bruidhinn riutha? Chan eil e gu diofar dhomh (ach tha mi toilichte) -- ach bha e cho luath!

Tha sinn a' gluasad air astar ann am blogosphere Gàidhlig an-diugh!

Fàilte a h-uile duine!

Fàilte gu mo bhlog ùr. Tha mi 'n dòchas gum bi sibh a' tachairt air rud no dhà a tha inntinneach dhuibh.

Chan eil fhios agam fhathast dé bhios mi a' sgrìobhadh an seo, ach chì sinn luaithe no maille!